Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm iad air Lot, agus thubhairt iad ris, Càit a bheil na daoine a thàinig ad ionnsaigh a‑nochd? Thoir a‑mach iad dar n‑ionnsaigh a‑chum is gun aithnich sinn iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Lot a‑mach dan ionnsaigh air an doras, agus dhruid e an doras na dhèidh,

Agus bha mar an ceudna Sòdomaich anns an tìr: rinn iadsan a rèir uile ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Agus fuidheall nan Sòdomach a dh’fhan ann an làithean Asa a athair, chuir e as an tìr.

Mura biodh gun d’fhàg Tighearna nan sluagh iarmad ro‑bheag againn, is ann a bhitheamaid mar Shòdom, bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.

Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.

Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

An robh nàire orra a chionn gun do chuir iad gràinealachd an gnìomh? Chan eadh, cha do ghabh iad nàire air aon chor; cha mhò a bha rudhadh air an gruaidh; uime sin tuitidh iad am measg na muinntir a thuiteas; anns an àm anns an tig mise gan amharc, tilgear sìos iad, deir an Tighearna.

Feuch, b’i seo aingidheachd do pheathar Sòdom; uabhar, sàth arain, agus pailteas dìomhanais, bha innte fhèin agus na nigheanan; cha mhò a neartaich i làmh a’ bhochd agus an fheumaich.

Agus bha iad àrdanach, agus chuir iad gràinealachd an gnìomh ann am fhianais-sa; uime sin thug mi air falbh iad mar a chunnacas ceart dhomh.

Cha mhò a chuir Samaria an gnìomh leth do lochdan-sa; ach mheudaich thu do ghràinealachdan nas mò na iadsan, agus dh’fhìreanaich thu do pheathraichean ann ad uile ghràinealachdan a rinn thu.

Cha laigh thu le fireannach mar le boireannach: is gràinealachd e.

Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

Nach eil fhios agaibh nach sealbhaich luchd-dèanamh na h‑eucoir rìoghachd Dhè? Na meallar sibh: cha sealbhaich luchd-strìopachais, no luchd-iodhal-adhraidh, no luchd-adhaltranais, no luchd-macnais, no na daoine a tha ciontach de neò-ghlaine mhì-nàdurra,

Cha bhi strìopach air bith de nigheanan Israeil, cha mhò a bhios Sòdomach de mhic Israeil.

Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa agus nas miosa, a’ mealladh, agus air am mealladh.

Agus leanaidh mòran an slighean millteach tre am faigh slighe na fìrinn mì‑chliù.

Agus gun do shaor e Lot am fìrean, a bha fo champar le caitheamh-beatha neòghlain nan aingidh:

Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.

Ach nuair a bha iad a’ dèanamh an cridhe subhach, feuch, chuartaich daoine a’ bhaile, daoine a bu mhic do Bhelial, an taigh mun cuairt, agus bhuail iad aig an doras, agus labhair iad ri maighistir an taighe, an seann duine, ag ràdh, Thoir a‑mach an duine a thàinig a dh’ionnsaigh do thaighe, a‑chum gun aithnich sinn e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan