Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thig, thugamaid air ar n‑athair fìon òl, agus laigheamaid maille ris, a‑chum is gun glèidh sinn sliochd o ar n‑athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan-creadha, agus làn-loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach-chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.

Agus thug iad air an athair fìon òl air an oidhche sin: agus chaidh an tè a bu shine a‑steach, agus laigh i maille ra h‑athair; agus cha do mhothaich e nuair a laigh i sìos, no nuair a dh’èirich i.

Agus dh’òl e den fhìon, agus bha e air mhisg: agus bha e lomnochd a‑staigh na bhùth.

A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan