Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cho-èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo-ghortaichte, agus dh’ith iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.

Agus thubhairt e, Thig a‑steach, thusa a tha beannaichte on Tighearna; cuime a sheasas tu a‑muigh? Oir dh’ullaich mise an taigh, agus àite do na càmhail.

Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.

Agus thachair air là àraidh gun deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air aran ithe. Agus ge bè uair a rachadh e seachad, thionndaidheadh e a‑steach an sin a dh’ithe arain.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Agus dh’fhuin iad den taois a thugadh a‑mach as an Eiphit breacagan neo-ghortaichte, oir cha do ghortaicheadh i; do bhrìgh gun d’fhuadaicheadh iad a‑mach as an Eiphit, agus nach b’urrainn iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhaibh fhèin.

Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air.

Agus thubhairt an tighearna ris an t‑seirbhiseach, Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na gàrraidhean, agus co‑èignich iad gu teachd a‑steach, a‑chum gum bi mo thaigh air a lìonadh.

Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs-mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.

Uime sin rinn iad suipear dha an sin; agus bha Marta a’ frithealadh: ach bha Làsaras na aon dhiubhsan a shuidh aig bòrd maille ris.

Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.

Oir tha gràdh Chrìosd gar co‑èigneachadh, air dhuinn breithneachadh mar seo, ma fhuair a h‑aon bàs airson nan uile, gu robh na h‑uile marbh:

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo-ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad.

Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo-ghortaichte dhith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan