Agus thubhairt an Tighearna, Do bhrìgh gu bheil glaodh Shòdoim agus Ghomorrah mòr, agus do bhrìgh gu bheil am peacadh air antromachadh gu h‑anabarrach;
Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.
Feuch, tha tuarasdal an luchd-obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
Agus a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh na tìre seo, ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt rium, Rach suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.
Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò tuilleadh a tha agad an seo? Do chliamhainn, agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge bè nì a tha agad anns a’ bhaile, thoir a‑mach iad as an àite seo:
Agus cuiridh mise as dur n‑ionadan àrda, agus gearraidh mi sìos ur dealbhan, agus tilgidh mi ur colainnean air colainnean ur n‑iodhalan, agus gabhaidh m’anam gràin dhibh.
Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.
Agus thig na mallachdan seo uile ort, agus leanaidh iad thu, agus beiridh iad ort, gus an sgriosar thu, a chionn nach d’èisd thu ri guth an Tighearna do Dhia, a ghleidheadh a àitheantan agus a reachdan a dh’àithn e dhut:
Air chor is nach faodadh an Tighearna giùlan leibh na b’fhaide, airson aingidheachd ur dèanadais, airson nan gràinealachdan a chuir sibh an gnìomh: air an adhbhar sin tha ur fearann na fhàsach, agus na uamhas, agus na mhallachd, gun aon fhear-àiteachaidh, mar air an là‑an‑diugh.