Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò tuilleadh a tha agad an seo? Do chliamhainn, agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge bè nì a tha agad anns a’ bhaile, thoir a‑mach iad as an àite seo:
Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.
Agus nuair a thug iad a‑mach iad, thubhairt e, Teich airson d’anama; na seall ad dhèidh, agus na stad anns a’ chòmhnard uile; teich don t‑sliabh, air eagal gum millear thu.
Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.
Agus labhair e ris a’ cho-chruinneachadh, ag ràdh, Sgaraibh sibh fhèin, guidheam oirbh, o bhùthan nan daoine aingidh ud, agus na beanaibh ri nì sam bith as leo, air eagal gun sgriosar sibh nam peacaidhean uile.
Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine eucorach a choimhead gu là a’ bhreitheanais a‑chum peanas a dhèanamh orra:
Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean;