Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuail iad na daoine a bha aig doras an taighe le doille, eadar bheag agus mhòr; ionnas gun do sgìthich iad iad fhèin ag iarraidh an dorais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt na daoine ri Lot, Cò tuilleadh a tha agad an seo? Do chliamhainn, agus do mhic, agus do nigheanan, agus ge bè nì a tha agad anns a’ bhaile, thoir a‑mach iad as an àite seo:

Agus nuair a thàinig iad a‑nuas da ionnsaigh, rinn Elisa ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt e, Buail, guidheam ort, an sluagh seo le doille. Agus bhuail e iad le doille, a rèir facal Elisa.

Sgìthichidh saothair nan amadan gach aon dhiubh, do bhrìgh nach aithne dha cionnas a thèid e don chathair.

Ann am buanas do shlighe sgìthicheadh thu; ach cha dubhairt thu, Chan eil dòchas ann; fhuair thu beatha do làimhe; air an adhbhar sin cha d’fhannaich thu.

Cuime am bi thu cho ro‑luaineach a chaochladh do shlighe? Bidh fhathast nàire ort den Eiphit, amhail a bha nàire ort de Asiria.

Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan