Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.

Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.

Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.

Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.

Ach chuir na daoine a‑mach an làmh, agus thug iad Lot a‑steach dan ionnsaigh don taigh, agus dhùin iad an doras.

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Nuair a chaidh mi a‑mach gu geata a’ bhaile, a dheasaich mi m’àite-suidhe anns an t‑sràid!

A‑muigh cha do laigh an coigreach: mo dhoras dh’fhosgail mi don fhear-turais.

Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.

Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh:

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear-dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan