Genesis 18:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghabh e ìm, agus bainne, agus an laogh a dheasaich e, agus chuir e air am beulaibh iad; agus sheas e làimh riu fon chraoibh, agus dh’ith iad. Faic an caibideil |
Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.