Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.
Agus cho-èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo-ghortaichte, agus dh’ith iad.
A tha a’ laighe air leapaichean deud-chnàmh, agus gan sìneadh fhèin air an uirighean; a tha ag ithe uain an treud, agus nan laogh à meadhon an taigh-bhiadhaidh:
Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach.
A‑rìs, chuir e dan ionnsaigh seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh-se ris a’ mhuinntir don tugadh cuireadh, Feuch, dheasaich mi mo dhìnnear: tha mo dhaimh agus mo sprèidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha na h‑uile nithean ullamh; thigibh a‑chum na bainnse.
Agus bha aig a’ mhnaoi laogh biadhte anns an taigh, agus rinn i cabhag agus mharbh i e: agus ghabh i min mhìn, agus dh’fhuin i i, agus rinn i aran neo-ghortaichte dhith: