Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 18:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghreas Abrahàm don bhùth a dh’ionnsaigh Shàrah, agus thubhairt e, Dèan cabhag, taoisinn trì miosaran de mhin fhlùir, agus dèan breacagan air lic an teintein.

Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe-sa.

Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè, agus thaitinn mi riut.

Agus nuair a bha i a’ dol ga thoirt leatha, ghlaodh e rithe, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, greim arain ad làimh.

Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.

Oir feuch, bheir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, air falbh o Ierusalem agus o Iùdah an lorg agus am bata, uile lorg an arain, agus uile lorg an uisge,

Tabhair dhuinn an‑diugh ar n‑aran làitheil.

Agus thubhairt Manòah ri aingeal an Tighearna, Leig dhuinn, guidheamaid ort, do ghleidheadh, agus deasaichidh sinn fad chomhair meann de na gobhair.

Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Manòah, Ged ghlèidh thu mi, chan ith mi ded aran; agus ma bheir thu suas ìobairt-loisgte, don Tighearna bheir thu suas i; oir cha robh fhios aig Manòah gum b’e aingeal an Tighearna e.

Agus air a’ cheathramh là, nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, dh’èirich esan suas gu imeachd: agus thubhairt athair na h‑ighinn ra chliamhain, Neartaich do chridhe le greim arain, agus na dhèidh sin imichidh sibh.

Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs.

Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo-ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan