Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 18:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus thàinig an duine don taigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad connlach agus innlinn airson nan càmhal, agus uisge a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoine a bha maille ris.

Agus thug an duine na daoine a‑steach do thaigh Iòseiph, agus thug e uisge dhaibh, agus nigh iad an casan, agus thug e biadh dan asail.

Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad.

Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan