Genesis 18:32Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt e, Och! na biodh fearg air mo Thighearna, agus labhraidh mi a‑mhàin an aon uair seo: Mas e is gum faighear deichnear an sin? Agus thubhairt e, Cha sgrios mi e air sgàth deichnear. Faic an caibideil |
Ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh air feadh sràidean Ierusaleim, agus faicibh a‑nis, agus biodh fhios agaibh, agus iarraibh na h‑ionadan farsaing, am faigh sibh aon duine, a bheil neach sam bith ann a tha a’ cur an gnìomh breitheanais, a tha ag iarraidh na fìrinn; agus bheir mise dhi maitheanas.