Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.
Agus thubhairt e, Thig a‑steach, thusa a tha beannaichte on Tighearna; cuime a sheasas tu a‑muigh? Oir dh’ullaich mise an taigh, agus àite do na càmhail.
Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.
Agus fhuair Iòseph deagh-ghean na shealladh, agus rinn e seirbhis dha; agus rinn e e na fhear-riaghlaidh air a thaigh, agus gach nì a bha aige chuir e fo a làimh.
Na falbh à seo, guidheam ort, gus an tig mi ad ionnsaigh, agus gun toir mi a‑mach mo thìodhlac, agus gun cuir mi ad làthair e. Agus thubhairt e, fanaidh mi gus an tig thu a‑rìs.
Agus chaidh Gideon a‑steach, agus dheasaich e meann de na gobhair, agus ephah fhlùir na bhreacagan neo-ghortaichte: an fheòil chuir e ann am basgaid, agus an sùgh chuir e ann am poit, agus thug e a‑mach iad da ionnsaigh fon daraig, agus chuir e na làthair iad.
Agus thubhairt aingeal Dhè ris, Gabh an fheòil, agus na breacagan neo-ghortaichte, agus cuir iad air a’ charraig seo, agus taom a‑mach an sùgh. Agus rinn e mar sin.