Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 18:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.

Agus thubhairt an Tighearna, An ceil mi air Abrahàm an nì sin a tha mi gus a dhèanamh;

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

Agus chaidh Abrahàm suas moch anns a’ mhadainn don àit anns an do sheas e an làthair an Tighearna.

Uime sin thubhairt e gum milleadh e iad, mura bitheadh gun do sheas a òglach taghte Maois fa chomhair anns a’ bheàrn, gus a chorraich a thionndadh uapa, a‑chum nach sgriosadh e iad.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar-ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa.

Agus dh’iarr mise airson duine nam measg a dhèanadh suas a’ challaid, agus a sheasadh anns a’ bhriseadh fam chomhair airson an fhearainn, a‑chum nach sgriosainn e; ach cha d’fhuair mi aon neach.

Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;

Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachais airson nan uile dhaoine:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan