Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thuit Abram air a aodann: agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh,

Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.

Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.

Agus thubhairt e, Mo thighearna, ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, guidheam ort, na rach seachad air do sheirbhiseach;

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.

Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.

Agus chaidh Isaac a‑mach a bheachd-smaoineachadh anns an fhaiche air feasgar: agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e, agus, feuch, bha na càmhail a’ tighinn.

Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire.

Agus bha Iòseph na uachdaran air an tìr: b’esan a bha a’ reic ri sluagh na tìre uile. Agus thàinig bràithrean Iòseiph, agus chrom iad iad fhèin sìos dha, len aghaidh gu làr.

Agus nuair a thàinig Iòseph dhachaigh thug iad da ionnsaigh an tìodhlac, a bha nan làimh, don taigh: agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.

Agus thubhairt iadsan, Tha do sheirbhiseach ar n‑athair gu math; tha e fhathast beò. Agus chrom iad iad fhèin sìos, agus rinn iad ùmhlachd.

Agus thàinig Iùdah agus a bhràithrean do thaigh Iòseiph (oir bha e fhathast an sin), agus thuit iad sìos na fhianais air an làr.

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Agus nuair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad na choinneamh, agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.

A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.

Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin don mhnaoi, agus thubhairt e rithe, Feuch a‑nis, tha thu aimrid, agus cha do rug thu fhathast clann: ach fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac.

An sin thuit i air a h‑aghaidh, agus chrom i i fhèin gu làr, agus thubhairt i ris, Carson a fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, gun cuireadh tu eòlas orm, agus mi am bhan-choigrich?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan