Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 18:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich na daoine as a sin, agus dh’amhairc iad rathad Shòdoim: agus chaidh Abrahàm maille riu gan cur air an t‑slighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An sin dh’àich Sàrah, ag ràdh, Cha do rinn mi gàire; oir bha eagal oirre. Agus thubhairt esan, Chan eadh, oir rinn thu gàire.

Agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha triùir dhaoine a’ seasamh làimh ris: agus nuair a chunnaic e iad, ruith e nan coinneamh o dhoras a bhùtha, agus chrom e e fhèin gu làr.

Agus thionndaidh na daoine an aghaidh as a sin, agus ghabh iad an t‑slighe gu Sòdom: ach sheas Abrahàm fhathast an làthair an Tighearna.

Agus thàinig dà aingeal do Shòdom anns an fheasgar, agus bha Lot na shuidhe ann an geata Shòdoim: agus nuair a chunnaic Lot iad, dh’èirich e suas nan coinneamh; agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr.

Agus air dhaibh a bhith air an toirt air an aghaidh leis an eaglais, chaidh iad tro Phenice, agus Shamaria, a’ cur an cèill iompachadh nan Cinneach: agus thug iad aoibhneas mòr do na bràithrean uile.

Air dhaibh a bhith gu h‑àraidh brònach airson nam briathran seo a thubhairt e, nach faiceadh iad a ghnùis-san nas mò. Agus thug iad coimheadachd dha a‑chum na luinge.

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh.

Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin, ma bhios mi air tùs an càil-eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar-se.

Muinntir a rinn fianais air do ghràdh an làthair na h‑eaglais: ma bheir thu air an aghaidh iad nan slighe mar as cubhaidh do Dhia, is math a nì thu:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan