Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor?
Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?
A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.
Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.
Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri Abrahàm gun tugadh Sàrah cìoch do chloinn? Oir rug mi mac dha na sheann aois.
Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine.