An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?
Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte seo, a rèir àm na beatha, bidh mac agad ad ghlacan. Agus thubhairt ise, Na dèan, mo thighearna, a dhuine le Dia, na dèan breug dod bhanoglaich.
Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,