Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.
Agus thàinig aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t‑Eabhraidheach, a bha a chòmhnaidh ann an còmhnard Mhamre an t‑Amorach, bràthair Escoil, agus bràthair Aneir: agus bha iad sin ann an co‑bhainn ri Abram.
An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.
Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.
Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.
Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.
Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?