Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

47 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth.

Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e.

Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach, a thug Dia do Abrahàm.

Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt.

Oir bha an saoibhreas na bu mhò na gum faodadh iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd; agus cha b’urrainn an tìr anns an robh iad nan coigrich an giùlan airson an sprèidhe.

Agus ghabh Iàcob còmhnaidh anns an tìr anns an robh a athair na choigreach, ann an tìr Chanàain.

Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.

Ged nach eil mo thaigh mar sin aig Dia, gidheadh rinn e coicheangal sìorraidh riumsa, air a shuidheachadh anns gach nì, agus a choimheadar: oir is e seo mo shlàinte uile, agus mo mhiann uile, ged nach eil e a’ toirt air fàs.

Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd;

Ach tha tròcair an Tighearna o shìorraidheachd orrasan don eagal e, agus a fhìreantachd do chloinn an cloinne,

Ag ràdh, Dhutsa bheir mi fearann Chanàain, crannchur ur n‑oighreachd.

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac;

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e,

An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.

Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca.

Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Thubhairt iadsan, Tillibh air ur n‑ais a‑nis, gach aon o a dhroch shlighe, agus o olcas a dhèanadais, agus gabhaibh còmhnaidh anns an fhearann a thug an Tighearna dhuibh, agus dur n‑athraichean o linn gu linn.

Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan.

A mhic an duine, tha iadsan a tha ag àiteachadh nan ionadan fàsa sin de fhearann Israeil a’ labhairt, ag ràdh, Bha Abrahàm na aonar, agus shealbhaich e am fearann: ach tha sinne lìonmhor, thugadh am fearann dhuinn mar sheilbh.

Nuair a thig sibh do thìr Chanàain, a bheir mise dhuibh mar sheilbh, agus a chuireas mi plàigh luibhre ann an taigh fearann ur seilbhe;

Agus bidh seo dhuibh na òrdagh sìorraidh, a-chum rèite a dhèanamh airson chloinn Israeil, as leth am peacaidhean gu lèir aon uair anns a’ bhliadhna. Agus rinn e mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa.

Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.

Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.

Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich suas don t‑sliabh seo Abarim, agus gabh sealladh den fhearann a thug mise do chloinn Israeil.

Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.

Oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia, agus thagh an Tighearna thu gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, thar gach uile chinneach a tha air aghaidh na talmhainn.

Agus thagh an Tighearna thusa an‑diugh gu bhith ad shluagh sònraichte dha fhèin, mar a gheall e dhut, agus a‑chum gun gleidheadh tu a àitheantan uile;

A‑chum gun daingnich e thu an‑diugh mar shluagh dha fhèin, agus gum bi esan dhutsa na Dhia, mar a thubhairt e riut, agus mar a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm do Isaac, agus do Iàcob.

Imich suas don bheinn seo Abarim, do shliabh Nebo, a tha ann an tìr Mhòaib, a tha fa chomhair Iericho, agus gabh sealladh de thìr Chanàain, a tha mi a’ toirt do chloinn Israeil mar sheilbh;

Nuair a roinn an Tì as ro‑àirde do na cinnich an oighreachd, nuair a sgar e mic Adhaimh o chèile, shuidhich e crìochan nan sluagh a rèir àireamh chloinn Israeil:

Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e seo am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi e: thug mi ortsa a fhaicinn led shùilean, ach da ionnsaigh cha tèid thu thairis.

Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;

Chan ann airson d’fhìreantachd, no airson ionracas do chridhe, a tha thu a’ dol a shealbhachadh am fearainn; ach airson aingidheachd nan cinneach sin tha an Tighearna do Dhia gam fògradh a‑mach od làthair-sa, agus a‑chum gun coilean e am facal a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob.

Agus air a shon seo is esan eadar-mheadhonair an tiomnaidh nuaidh, ionnas tre fhulangas a’ bhàis, a‑chum saorsa nan euceart a bha fon chiad thiomnadh a chosnadh, gum faigheadh iadsan a tha air an gairm gealladh na h‑oighreachd sìorraidh.

Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil.

Sealbhaichidh an tì a bheir buaidh na h‑uile nithean; agus bidh mise am Dhia dhàsan, agus bidh esan na mhac dhòmhsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan