Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Timcheall-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear ad thaigh, agus esan a cheannaichear led airgead: agus bidh mo choicheangal nur feòil-se mar choicheangal sìorraidh.

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;

Ach daingnichidh mi mo choicheangal riutsa; agus thèid thu a‑steach don àirc, thu fhèin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.

Agus bidh am bogha anns an neul; agus amhaircidh mi air, a‑chum is gun cuimhnich mi an coicheangal sìorraidh eadar Dia agus gach creutair beò den uile fheòil a tha air an talamh.

Oir dhaingnich thu dhut fhèin do shluagh Israel, gu bhith nan sluagh dhut gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

O sibhse a shliochd Israeil, a òglaich-san, sibhse a chlann Iàcoib, a dhaoine taghte-san.

Is esan an Tighearna ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais-san.

Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; fosgail do bheul gu farsaing, agus lìonaidh mise e.

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Oir is mise an Tighearna, leis an ionmhainn breitheanas; is beag orm ainneart airson tabhartais-loisgte; agus cuiridh mi air a h‑aghaidh an obair ann am fìrinn; agus coicheangal sìorraidh nì mi riu.

Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

Agus gabhaidh iad còmhnaidh ann gu tèarainte, agus togaidh iad taighean, agus suidhichidh iad fìonliosan: seadh, gabhaidh iad còmhnaidh le dànachd, nuair a nì mise breitheanas orrasan uile a tha a’ dèanamh tàir orra gach taobh mun cuairt dhaibh; agus aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia.

Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh.

Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh.

Agus imichidh mi nur measg, agus bidh mi am Dhia dhuibh, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa.

Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.

Ach air an sgàth-san cuimhnichidh mi coicheangal an sinnsirean, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ann an sealladh nan cinneach, a‑chum is gum bithinn am Dhia aca: Is mise an Tighearna.

Oir amhaircidh mise oirbh, agus nì mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh.

Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.

Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.

Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.

A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;

Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:

A‑chum gun daingnich e thu an‑diugh mar shluagh dha fhèin, agus gum bi esan dhutsa na Dhia, mar a thubhairt e riut, agus mar a mhionnaich e dod athraichean, do Abrahàm do Isaac, agus do Iàcob.

Ach a‑nis tha dèidh aca air dùthaich as fheàrr, eadhon dùthaich nèamhaidh: uime sin cha nàir le Dia gun goirear an Dia-san dheth, oir dh’ullaich e dhaibh baile.

Oir is e seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil an dèidh nan làithean ud, tha an Tighearna ag ràdh; cuiridh mi mo reachdan nan inntinn, agus sgrìobhaidh mi iad air an cridheachan: agus bidh mi am Dhia dhaibh, agus bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa.

Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan