Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì mi thu ro‑shìolmhor, agus nì mi dhìot cinnich, agus thig rìghrean a‑mach asad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.

Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.

Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.

Dom thaobh-sa, feuch tha mo choicheangal riutsa, agus bidh tu ad athair mòran chinneach.

Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr.

Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Agus air an dara mac thug e Ephraim mar ainm; oir thug Dia orm, arsa esan, a bhith sìolmhor ann an tìr m’àmhghair.

Agus ghabh Israel còmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit, ann an talamh Ghòsein; agus bha sealbh aca ann, agus shìolaich iad, agus dh’fhàs iad ro‑lìonmhor.

Agus thubhairt Iàcob ri Iòseph, Dh’fhoillsich an Dia Uile-chumhachdach e fhèin dhòmhsa aig Luds ann an tìr Chanàain, agus bheannaich e mi,

Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.

Agus bha rìghrean cumhachdach ann an Ierusalem, a rìghich os an cionn-san uile air an taobh thall den abhainn; agus dh’ìocadh cìs, càin, agus cuspann dhaibh.

Oir amhaircidh mise oirbh, agus nì mi sìolmhor sibh, agus bheir mi oirbh fàs lìonmhor, agus daingnichidh mi mo choicheangal ribh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan