Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha toirear o seo a‑mach Abram mar ainm ort, ach bidh Abrahàm agad mar ainm; oir rinn mi thu ad athair mòran chinneach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm.

Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.

Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.

Agus thubhairt Dia ris, Is e Iàcob as ainm dhut; cha ghoirear Iàcob dhìot nas mò, ach is e Israel a bhios na ainm ort: agus thug e Israel mar ainm air.

Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Nàtan, agus thug e Iedidiah mar ainm air, airson an Tighearna.

Abram, is e sin Abrahàm.

Is tu fhèin an Tighearna, an Dia, a thagh Abram, agus a thug a‑mach e à Ur nan Caldèanach, agus a thug Abrahàm mar ainm air.

Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte-sa; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich.

Agus thàrladh air an là màireach gun do leig Pasur Ieremiah a‑mach as an taigh-smachdachaidh. An sin thubhairt Ieremiah ris, Chan e Pasur a thug an Tighearna mar ainm ort, ach Magor-misabib.

Na làithean-san tèarnar Iùdah, agus gabhaidh Israel còmhnaidh ann an tèarainteachd: agus is e seo ainm a ghoirear ris, Iehòbhah ar fìreantachd-ne.

Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin.

Agus thug e a‑chum Iosa e; agus nuair a dh’amhairc Iosa air, thubhairt e, Is tusa Sìmon mac Iòna: gairmear Cèphas dhìot, is e sin air eadar-theangachadh, Peadar.

(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mi ri ithe den mhana fhalaichte, agus bheir mi dha clach gheal, agus air a’ chloich ainm nuadh sgrìobhte, nach aithne do neach air bith, ach don tì a gheibh i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan