Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Abrahàm ri Dia, O gum maireadh Ismael beò ad fhianais!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Agus bha an nì ro‑dhoilgheasach ann an sùilean Abrahàim airson a mhic.

Nuair a shaothraicheas tu an talamh, cha toir e dhut à seo suas a neart; ad fhògarrach agus ad fhear-fuadain bidh tu air an talamh.

Feuch, dh’fhògair thu mi a‑mach an‑diugh bhàrr aghaidh na talmhainn agus od ghnùis-sa falaichear mi; agus bidh mi am fhògarrach agus am fhear-fuadain air an talamh; agus tàrlaidh, gach neach a gheibh mi, gum marbh e mi.

Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.

Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann an ionracas, agus suidhichidh tu mi ad fhianais gu bràth.

Ach chuir ur n‑euceartan dealachadh eadar sibh fhèin agus ur Dia; agus dh’fhalaich ur lochdan uaibh a ghnùis, ionnas nach èisd e.

Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, a‑chum gum bi m’eagal-sa gu bràth orra, a‑chum an leas fhèin, agus leas an cloinne nan dèidh.

Oir tha an gealladh dhuibhse, agus dur cloinn, agus do na h‑uile a tha fad o làimh, eadhon a mheud is a ghairmeas an Tighearna ar Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan