Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.

Agus nì mi thu ro‑shìolmhor, agus nì mi dhìot cinnich, agus thig rìghrean a‑mach asad.

Amhail a thug Sàrah ùmhlachd do Abrahàm, a’ gairm tighearna dheth: don nigheanan sibhse am feadh a nì sibh gu math, agus gun gheilt oirbh le uamhas sam bith,

Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra.

Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.

Agus esan a bha aige ris a’ bhanoglaich, ghineadh a rèir na feòla e; ach esan a bha aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh.

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm.

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e.

Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige.

Agus is iad sin na rìghrean a rìghich ann an tìr Edoim, mun do rìghich rìgh sam bith air cloinn Israeil.

Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh fhèin, bidh e na oighre ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan