Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.
Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.
Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.
Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.
Eisdibh rium, sibhse a tha a’ leantainn fìreantachd, sibhse a tha ag iarraidh an Tighearna; seallaibh ris a’ charraig on do ghearradh a‑mach sibh, agus ri sloc na h‑uamha on do chladhaicheadh sibh.