Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.

Agus thimcheall-gheàrr Abrahàm Isaac a mhac, nuair a bha e ochd làithean a dh’aois, mar a dh’àithn Dia dha.

Agus gach seirbhiseach duine, a cheannaicheadh le airgead, nuair a thimcheall-ghearras tu e, an sin ithidh e dhith.

Mar sin nì thu rid chrodh, agus rid chaoraich: seachd làithean bidh e maille ri a mhàthair, air an ochdamh là bheir thu dhòmhsa e.

Agus air an ochdamh là timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn-san.

Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall-ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.

Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Oir chan Iùdhach esan, a tha mar sin on leth a‑muigh; agus chan e sin an timcheall-ghearradh, a tha gu follaiseach anns an fheòil:

Air mo thimcheall-ghearradh air an ochdamh là, de chinneach Israeil, de threubh Bheniàmin, am Eabhraidheach de na h‑Eabhraidhich; a rèir an lagha, am Pharasach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan