Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.
A‑mhàin anns an nì seo aontaichidh na daoine leinn, gu còmhnaidh a ghabhail maille rinn, gu bhith nar n‑aon sluagh, ma thimcheall-ghearrar gach fireannach againne, mar a tha iadsan air an timcheall-ghearradh.
Agus nuair a bhios coigreach air chuairt maille riut, agus a chumas e a’ chàisg don Tighearna, timcheall-ghearrar gach fireannach aige, agus an sin thigeadh e am fagas ga cumail, agus bidh e mar neach a rugadh anns an tìr: ach chan ith neach sam bith neo-thimcheall-gheàrrte dhith.
An sin ghabh Siporah clach gheur, agus thimcheall-gheàrr i ro‑chraiceann a mic, agus thilg i aig a chasan e, agus thubhairt i, Gu cinnteach is fear-pòsda fuileachdach dhòmhsa thu.
Bithibh air ur timcheall-ghearradh don Tighearna, agus thugaibh air falbh ro‑chraicinn ur cridheachan, O fheara Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i, air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
Thug Maois dhuibh an timcheall-ghearradh (chan e gur ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus timcheall-ghearraidh sibhse duine air an t‑sàbaid.
Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.
Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;
A mheud lem miann iad fhèin a thaisbeanadh gu sgiamhach anns an fheòil, tha iad gur n‑èigneachadh gu bhith air ur timcheall-ghearradh; a‑mhàin a‑chum nach dèante geur-leanmhainn orra airson crann-ceusaidh Chrìosd.
Uime sin cuimhnichibh, air dhuibh a bhith anns an aimsir a chaidh thairis nur Cinnich anns an fheòil, ris an abrar an neo-thimcheall-ghearradh leòsan den goirear an timcheall-ghearradh làmh-dhèante anns an fheòil;
Agus timcheall-ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò.
Oir is sinne an timcheall-ghearradh, a tha a’ dèanamh adhraidh do Dhia anns an Spiorad, agus a’ dèanamh gàirdeachais ann an Iosa Crìosd, agus nach eil a’ cur muinghinn anns an fheòil:
Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall-gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.