Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 17:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

45 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Agus bha Abram ceithir-fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Eiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:

Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.

Agus thubhairt e, Is mise Dia, Dia d’athar: na biodh eagal ort dol sìos don Eiphit; oir nì mise ad chinneach mòr thu an sin:

Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,

Agus thubhairt Iàcob ri Iòseph, Dh’fhoillsich an Dia Uile-chumhachdach e fhèin dhòmhsa aig Luds ann an tìr Chanàain, agus bheannaich e mi,

Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an dèidh dha Metùselah a ghintinn, trì cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan:

Agus ghluais Enoch maille ri Dia: agus cha robh e ann; oir thug Dia leis e.

Is iad seo ginealaichean Nòah: Bha Nòah na dhuine cothromach, agus iomlan na linn; agus ghluais Nòah maille ri Dia.

A‑chum gun daingnich an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e dom thaobh-sa, ag ràdh, Ma choimheadas do chlann an slighe, gu imeachd am fhianais-sa ann am fìrinn, len uile chridhe, agus len uile anam, cha bhi (ars esan) duine a dh’easbhaidh ort air rìgh-chathair Israeil.

Agus thubhairt Solamh, Nochd thu dod òglach, Daibhidh m’athair, coibhneas mòr, a rèir mar a dh’imich e ad fhianais ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghlèidh thu dha an coibhneas mòr seo, gun tug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chathair, mar a tha e an‑diugh.

A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi thu gun duine am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil; ma bheir a‑mhàin do chlann an aire dan slighe, le gluasad ann am fhianais-sa, mar a ghluais thusa ann am fhianais.

Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc.

An urrainn thusa le rannsachadh Dia fhaghail a‑mach? An urrainn thu an t‑Uile-chumhachdach fhaghail a‑mach gu h‑iomlan?

Ach tha ar Dia-ne anns na nèamhan, agus rinn e gach nì a b’àill leis.

Gluaisidh mi ann am fianais an Tighearna ann an tìr nam beò.

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.

Esan a ghluaiseas ann an ionracas, gluaisidh e gu tèarainte; ach esan a chlaonas a shlighean, aithnichear e.

Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

Ah, Thighearna Dhia, feuch, rinn thusa nèamh agus an talamh led mhòr-chumhachd agus led ghàirdean sìnte a‑mach, agus chan eil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ort.

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Dh’fheuch e dhut, O dhuine, ciod a tha math; agus ciod a tha an Tighearna ag iarraidh ort, ach ceartas a dhèanamh, tròcair a ghràdhachadh, agus gluasad gu h‑iriosal maille rid Dhia?

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, A bheil làmh an Tighearna air fàs goirid? Chì thusa a‑nis an tig no nach tig m’fhacal gu crìch dhut.

Thubhairt esan a chuala briathran Dhè, agus don aithne eòlas an Tì as ro‑àirde, a chunnaic taisbeanadh an Uile-chumhachdaich, a’ tuiteam agus a shùilean air am fosgladh:

Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo-lochdach.

Agus air dearcadh do Phòl air a’ chomhairle, thubhairt e, Fheara agus a bhràithrean, anns an uile dheagh chogais chaith mise mo bheatha a‑thaobh Dhè gus an là‑an‑diugh.

Agus an seo tha mi a’ saothrachadh a‑ghnàth cogais neo-lochdach a bhith agam a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh dhaoine.

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,

Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.

Bidh tusa coileanta maille ris an Tighearna do Dhia.

A‑chum gun gràdhaich thu an Tighearna do Dhia, agus gun toir thu gèill da ghuth, agus gun lean thu ris; (oir is esan do bheatha, agus fad do làithean;) a‑chum gun gabh thu còmhnaidh anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dod athraichean, do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, gun tugadh e dhaibh.

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan