Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 16:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana-mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd.

Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.

Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana-mhaighistir.

Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.

Air dhuibh a bhith umhail da chèile ann an eagal Dhè.

Earailich seirbhisich a bhith umhail dam maighistirean fhèin, agus an deagh-thoileachadh anns na h‑uile nithean: gun a bhith a’ labhairt nan aghaidh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan