Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar.

Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.

Eirich, tog suas an t‑òganach, agus gabh greim ad làimh dheth; oir nì mise na chinneach mòr e.

Agus dh’fhosgail Dia a sùilean, agus chunnaic i tobar uisge; agus chaidh i, agus lìon i an t‑searrag le uisge, agus thug i deoch don òganach.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh,

An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin.

Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iàcoib: agus thubhairt mise, Tha mi an seo.

Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.

Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.

Tha sùilean an Tighearna anns gach àite, ag amharc air na droch dhaoine agus air na deagh dhaoine.

Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan