Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 16:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana-mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh.

Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Feuch, tha e ad làimh-sa; ach caomhain a bheatha.

A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.

An tì a tha mall a‑chum feirge, tha e pailt ann an tuigse; ach esan a tha dian na spiorad, àrdaichidh e amaideachd.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Mar eun air seachran o a nead, mar sin tha am fear a thèid air seachran o a àite fhèin.

Le briathran cha leasaichear seirbhiseach; oir ged thuig e, cha fhreagair e.

Ma dh’èireas spiorad an uachdarain ad aghaidh, na fàg d’àite; oir ciùinichidh gèilleadh lochdan mòra.

An sin thubhairt an rìgh Sedeciah, Feuch, tha e nur làimh: oir chan e an rìgh esan a dh’fhaodas aon nì a chur nur n‑aghaidh.

Agus a‑nis, feuch, tha sinn ad làimh: mar a mheasar math agus ceart leatsa a dhèanamh rinn, dèan.

Mar an ceudna, fheara, gabhaibh-se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan