Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 16:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha-se. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach bha Sàrai neo-thorrach; cha robh duine cloinne aice.

Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.

Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.

Agus thubhairt an tè a bu shine ris an tè a b’òige, Tha ar n‑athair sean, agus chan eil fear air an talamh gu teachd a‑steach dar n‑ionnsaigh a rèir gnàth na talmhainn uile:

Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim.

Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà, a chionn gu robh i neo-thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.

Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.

Agus ri Adhamh thubhairt e, Do bhrìgh gun d’èisd thu ri guth do mhnà, agus gun d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut, ag ràdh, Chan ith thu dhith, tha an talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha;

Agus chuimhnich Dia air Rachel agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg.

Agus thubhairt Rachel, Thug Dia breith orm, agus dh’èisd e mar an ceudna rim ghuth, agus thug e dhomh mac: uime sin thug i Dan mar ainm air.

Feuch, is iad clann oighreachd an Tighearna, toradh na bronn a dhuais.

Ma thug a mhaighistir bean dha, agus gun do rug i dha mic no nigheanan, bidh a’ bhean agus a clann aig a maighistir, agus thèid esan a‑mach leis fhèin.

Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan