Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan-Eiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.
Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.
Agus is iad sin bliadhnachan beatha Ismaeil, ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead: agus thug e suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.