Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.
Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.
An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat, nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige.