Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg.
Agus ghabh e dha fhèin iad sin uile, agus roinn e iad anns a’ mheadhon, agus chuir e gach aon de na mìrean fa chomhair a lethbhreac: ach cha do roinn e na h‑eòin.
Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas-loisgte an àit a mhic.
Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd-fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh.
Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.
Ma bhios a thabhartas den bhuar na ìobairt-loisgte, thugadh e seachad beathach fireann gun ghaoid: aig doras pàillean a’ choitheanail bheir e seachad e de a shaor thoil fhèin, an làthair an Tighearna.
Agus nuair a choileanar làithean a glanaidh airson mic, no airson nighinn, bheir i uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-loisgte, agus calaman òg, no eun turtair a‑chum ìobairt-pheacaidh, gu doras pàillean a’ choitheanail, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt:
Agus mura urrainn i uan a thoirt leatha, an sin bheir i leatha dà thurtar, no dà chalaman òg: fear dhiubh a‑chum ìobairt-loisgte, agus am fear eile a‑chum ìobairt-pheacaidh; agus nì an sagart rèite air a son, agus bidh i glan.
Agus ma bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas-sìthe, mas ann den bhuar a bheir e seachad e, mas fireann no boireann e, bheir e seachad e gun ghaoid an làthair an Tighearna.
Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna.
Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh.