Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 15:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg.

Agus gun tugadh e dhut beannachadh Abrahàim, dhutsa agus dod shliochd maille riut; a‑chum gun sealbhaich thu am fearann anns a bheil thu ad choigreach, a thug Dia do Abrahàm.

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Agus thubhairt Heseciah ri Isaiah, Ciod an comharradh gun leighis an Tighearna mi, agus gun tèid mi suas air an treas là do thaigh an Tighearna?

Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh.

Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.

Agus bheir mi a’ mhuinntir a bhris mo choicheangal, nach do choilean briathran a’ choicheangail a rinn iad ann am làthair-sa, nuair a gheàrr iad an laogh na dhà leth, agus a dh’imich iad eadar a bhloighdean;

Ceannardan Iùdah, agus ceannardan Ierusaleim, agus na caillteanaich, agus na sagartan, agus uile shluagh an fhearainn a dh’imich eadar bloighdean an laoigh;

Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor.

Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan