Agus fhuair thu a chridhe fìrinneach ad fhianais, agus rinn thu coicheangal ris gun tugadh tu tìr nan Canàanach, nan Hiteach, nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Iebusach, agus nan Girgasach, gun tugadh tu seo da shliochd; agus choilean thu do bhriathran, oir tha thu ceart:
Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall-ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo-thimcheall-ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd.
Eadhon, gu robh Dia ann an Crìosd, a’ dèanamh an t‑saoghail rèidh ris fhèin, gun a bhith a’ meas an cionta dhaibh; agus dh’earb e rinne facal na rèite.
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.