Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Abram, Feuch, dhòmhsa cha tug thu sliochd air bith: agus, feuch, is e neach a rugadh am thaigh as oighre orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.

Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd-deug, agus lean e iad gu Dan.

Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?

Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e.

Ma thogas neach a sheirbhiseach suas gu mùirneach o bhith na leanabh, mu dheireadh bidh e aige mar mhac.

Airson mnà fhuathaich nuair a phòsar i, agus airson banoglaich nuair a bhios i na h‑oighre air a ban-mhaighistir.

Fhuair mi òglaich agus banoglaich, agus rugadh seirbhisich am thaigh: bha mar an ceudna sealbh mòr bhuar agus threud agam, os cionn nan uile a bha romham ann an Ierusalem:

Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan