Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 15:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad.

Agus thug an Tighearna Dia air cadal trom tuiteam air Adhamh, agus chaidil e: agus ghabh e aon de a aisnean, agus dhùin e an fheòil suas na h‑àite;

Agus thachair e air àit àraidh, agus dh’fhan e an sin an oidhche sin, a chionn gu robh a’ ghrian air laighe: agus ghabh e aon de chlachan an àite sin, agus chuir e fo a cheann i, agus laigh e sìos anns an àite sin a chadal.

Ann an aisling, ann an sealladh na h‑oidhche, nuair a thuiteas cadal trom air daoine, nuair a bhios iad nan suain air an leabaidh;

Agus bha òganach àraidh dom b’ainm Eutichus na shuidhe ann an uinneig, air tuiteam gu trom na chadal: agus air do Phòl a bhith rè fad a’ searmonachadh, shàraicheadh leis a’ chadal e, agus thuit e sìos on treas lobhta, agus thogadh marbh e.

Agus ghabh Daibhidh an t‑sleagh agus an soitheach-uisge o cheann-adhairt Shauil, agus dh’imich iad romhpa, agus cha robh neach ann a chunnaic sin, no aig an robh fios air, no a mhosgail; oir bha iad uile nan cadal, do bhrìgh gun do thuit cadal trom on Tighearna orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan