Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 14:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach, agus rìgh Ghomorrah, agus rìgh Admah, agus rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela (eadhon Shòair); agus chuir iad cath riu ann an gleann Shidim:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.

Ri Cedorlaòmer rìgh Elaim, agus ri Tidal rìgh nan cinneach, agus ri Amraphel rìgh Shinair, agus ri Arioch rìgh Elasair; ceithir rìghrean ri còig.

Feuch a‑nis, tha am baile ud am fagas gu teicheadh da ionnsaigh, agus e beag: leigear dhomh a‑nis teicheadh an siud (nach beag e?), agus bidh m’anam beò.

Greas ort, teich an siud; oir chan urrainn mi nì air bith a dhèanamh gus an tèid thu an siud. Uime sin thugadh Sòar mar ainm air a’ bhaile.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan