Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 14:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt rìgh Shòdoim ri Abram, Thoir dhòmhsa na daoine, agus gabh a’ mhaoin dhut fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain.

Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.

Agus thug iad leo uile mhaoin Shòdoim agus Ghomorrah, agus am biadh uile, agus dh’imich iad.

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,

Agus tàrlaidh, de na chinneas gun toir sibh an còigeamh cuid do Phàraoh, agus bidh agaibh fhèin ceithir earrannan, airson sìol an fhearainn, agus airson ur bìdh, agus airson muinntir ur teaghlaichean, agus airson bìdh dur cloinn bhig.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan