Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 14:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun do rinn iad sin cogadh ri Bera rìgh Shòdoim, agus ri Birsa rìgh Ghomorrah, Sinab rìgh Admah, agus Semeber rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela, eadhon Shòair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.

Hadid, Seboim, Nebalat,

Tha mo chridhe ag èigheach airson Mhòaib; teichidh a luchd-fuadain do Shòar, mar agh trì bliadhna a dh’aois; dìridh iad uchdach Luhit le gul; oir ann an slighe Horonaim togaidh iad iolach mhillidh.

O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios.

Cionnas a bheir mi thairis thu, O Ephraim! Cionnas a bheir mi seachad thu, O Israeil! Cionnas a nì mi thu mar Admah! A chuireas mi thu mar Sheboim! Tha mo chridhe an taobh a‑staigh dhìom air tionndadh; tha m’aithreachais air lasadh le chèile.

Agus gu bheil a thalamh uile na phronnasg, agus na shalann, agus na losgadh, nach eil e air a chur, no a’ toirt toraidh uaithe, agus nach eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhail ri sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, Admah agus Sheboim, a sgrios an Tighearna na fheirg, agus na chorraich;

Agus an taobh deas, agus còmhnard gleann Iericho, baile nan craobh pailm, gu ruig Sòar.

Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet-horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan