Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd-deug, agus lean e iad gu Dan.
Agus chaidh Iòseph suas a dh’adhlac a athar: agus maille ris chaidh seirbhisich Phàraoh suas uile, seanairean a thaighe, agus uile sheanairean tìr na h‑Eiphit,
Cò a dhùisg suas an t‑ionracan on ear, a ghairm e a‑chum a choise, a chuir na cinnich na fhochar, agus a thug dha riaghladh thar rìghrean; a rinn iad mar an duslach ro a chlaidheamh, agus mar an asbhuain fhuadaichte ro a bhogha?
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.