Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.
Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear-creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.
An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo-thimcheall-gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.
Agus thug an Tighearna Iehoiacim rìgh Iùdah da làimh, le cuid de shoithichean taigh Dhè, a thug e gu tìr Shìnair, gu taigh a dhè; seadh, thug e na soithichean gu taigh-tasgaidh a dhè.
Agus chunnaic mi ann an aisling (agus thàrladh nuair a chunnaic mi, gu robh mi ann an Susan, an lùchairt, a tha ann am mòr-roinn Elaim), agus chunnaic mi ann an aisling, agus bha mi aig abhainn Ulai.