Genesis 13:9Am Bìoball Gàidhlig 1992Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe. Faic an caibideil |
Agus a‑nis feuch, tha mise gad fhuasgladh an‑diugh o na slabhraidhean a bha air do làmhan. Ma chì thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, thig; agus bheir mi aire mhath dhut: ach mura faic thu ceart teachd leamsa gu Bàbilon, fan: feuch, tha am fearann gu h‑iomlan fad chomhair: far am faicear ceart agus iomchaidh dhut dol, theirig ann; agus ciod air bith tuilleadh cha chumar air ais e.