Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean-sa agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithrean sinn.
Nach eil an tìr uile romhad? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe.
Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd-deug, agus lean e iad gu Dan.
Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.
Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach?
Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?
Ach a‑thaobh gràidh bhràthaireil, chan eil feum agaibh mise a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh: oir tha sibh fhèin air ur teagasg o Dhia gràdh a thoirt da chèile.
Do bhrìgh gun do ghlan sibh ur n‑anaman le ùmhlachd a thoirt don fhìrinn tre an Spiorad, a‑chum gràidh neo-chealgaich do na bràithrean: feuchaibh gun toir sibh gràdh da chèile à cridhe glan gu dùrachdach:
A mhuinntir ionmhainn, gràdhaicheamaid a chèile: oir is ann o Dhia a tha an gràdh; agus gach neach a ghràdhaicheas, ghineadh o Dhia e, agus is aithne dha Dia.