Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 13:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Agus thug Abrahàm achmhasan do Abimelech airson tobar uisge, a thug seirbhisich Abimeleich a‑mach le ainneart.

Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris.

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Gun abair sibhse, Bu luchd-sprèidhe do sheirbhisich o ar n‑òige eadhon gus a‑nis, sinn fhèin agus mar an ceudna ar n‑athraichean; a‑chum is gun gabh sibh còmhnaidh ann am fearann Ghòsein, oir is gràinealachd do na h‑Eiphitich gach buachaille sprèidhe.

Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean?

Agus thàinig na buachaillean agus dh’fhuadaich iad air falbh iad: ach sheas Maois suas agus chuidich e leo, agus thug e uisge dan treud.

Is urramach an nì do fhear fantainn o aimhreit; ach measgaidh gach amadan innte.

Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh.

Oir tha sibh fhathast feòlmhor: oir a‑thaobh gu bheil farmad nur measg, agus strì, agus aimhreit, nach eil sibh feòlmhor, agus ag imeachd mar dhaoine?

Iodhal-adhradh, draoidheachd, naimhdeas, connsachadh, co‑fharpais, fearg, còmhstri, aimhreit, saobh-chreideamh.

Gluaisibh ann an gliocas a‑thaobh na dream sin a tha an leth a‑muigh, ag ath-cheannach na h‑aimsir.

A‑chum gun gluais sibh gu cubhaidh a‑thaobh na muinntir sin a tha an leth a‑muigh, agus nach bi uireasbhaidh nì sam bith oirbh.

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.

Oir far a bheil farmad agus còmhstri, an sin tha buaireas, agus gach uile dhroch ghnìomh.

Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana-miannan, a tha a’ cogadh nur buill?

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan