Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.
Agus bhuin e gu math ri Abram air a sgàth-se: agus bha aige caoraich, agus daimh, agus asail fhireann, agus òglaich, agus banoglaich, agus asail bhoireann, agus càmhail.
Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain.
Ach an dream len àill a bhith beartach, tuitidh iad ann am buaireadh, agus ann an ribe, agus ann an iomadh ana-miann amaideach agus ciùrrail, a bhàthas daoine ann am milleadh agus ann an sgrios.