Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
Agus ghabh Abram Sàrai a bhean, agus Lot mac a bhràthar, agus am maoin uile a chruinnich iad, agus na h‑anaman a fhuair iad ann an Hàran; agus chaidh iad a‑mach gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad do thìr Chanàain.
Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.
Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.